New Committee for AÀA

Tha comataidh ùr aig Ainmean-Àite na h-Alba le tuilleadh buill agus a' bhuidheann ga neartachadh. Tha Uisdean Buchanan a-niste na neach-cathrach air a' bhuidheann a' leanntainn air an obair mhath, sheasmhach a rinn Iain Mac Uisdean thairis air seachd bliadhna bho thòisich GNLC (Gaelic Names Liaison Committee) ann an 2000. Stiùir Iain a' bhuidheann tro leasachaidhean mòra 's cudthromach a neartaich an GNLC dhan ìre far an deach buidheann ùr a chur air dòigh air an robh Ainmean-Àite na h-Alba.
Le Uisdean a' gabhail a' chathair thathar an dùil gun tèid a bhuidheann a leasachadh san àm ri teachd le co-ordanaiche a' phròiseict a' tòiseachadh sa Ghiblean 2007. Tha Uisdean ag obair dhan t-Suirbhidh Òrdanais 's gu math eòlach air ainmean-àite san fharsaigneachd. Thug Uisdean taing do dh'Iain Mac Uisdean airson an sar-obrair a rinn e thairis air na bliadhnaichean agus thuirt e gu bheil e na urram dha a bhith sa chathar aig àm cho cudthromach do dh'ainmean-àite.
Chaidh oifigearean eile ainmeachadh air a' chomataidh ùr 's iad:
|