Clàr-Làraich | Às aonais dealbhan
Gaelic Road Signs
Tha sinn a’ cur air bonn clàr-àite nàiseanta de dh’ainmean-àite Gàidhlig ann an Alba gus an rannsachadh againn a dhèanamh so ruigsinneach is an t-iarrtas airson fiosrachadh seasmhach mu dheidhinn ainmean-àite Gàidhlig shàsachadh. Tha an clàr-àite air maoineachadh le Bòrd na Gàidhlig is bidh e na phàirt de stòras ghoireasan earbsach Gàidhlig mar a chaidh ainmeachadh sa Phlana Nàiseanta Ghàidhlig.

Bidh an clàr-àite a’ tabhann aon tùs earbsach airson fiosrachadh air ainmean-àite Gàidhlig. Bidh e a’ toirt ainmean Gàidhlig deimhinnte a dh'fhaodar cleachdadh le comhairlean, na meadhanan, luchd-rannsachaidh, coimhearsnachdan, luchd-coiseachd is sreap, no duine sam bith aig a bheil ùidh ann an ainmean-àite.  Na bhroinn tha fiosrachadh eachdraidheil, beachdan ionadail 's faidhleachan fuaim gus fuaimneachadh a dhèanamh nas fhasa.

Thoir an aire gu bheil an stòr-dàta aig ìre thràth fhathast; thathar ag ùrachadh a structair agus a' cur ris na h-ainmean a th' ann gu làitheil. Ma tha ceist no beachd sam bith agad, nach cuir thu fios gu fios@ainmean-aite.org. Ma tha thu ag iarraidh moladh air ainm, cur Abriachan a-steach don inneal-rannsachaidh.


Ùraichte air: 17/11/09

Ruigsinneachd | Dealbhadh Làraich-Lìon: Plexus Media | Còraichean-foillseachaidh © 2006