| Clàr-Làraich | Le Dealbhan |
![]() | ||
FàilteTha Ainmean-Àite na h-Alba na chom-pàirteachas chomhairleachail nàiseanta airson ainmean-àite Gàidhlig ann an Alba. 'S e amas againn cruthan ceart de dh’ainmean-àite Ghàidhlig a stèidheachadh airson mhapaichean, shoidhnichean is eile.
Bidh sinn a’ cleachdadh sàr eòlas nam ball againn, fiosrachadh ionadail is tùsan eachdraidheil gus cruthan seasmhach de dh’ainmean-àite Gàidhlig aontachadh. Cuideachd bidh sinn a’ cleachdadh prionnsabalan stèidhichte a leithid GOC agus an stiùireadh a rinn sinn fèin (link to Orthographic principles) gus litreachadh cunbhalach a stèidheachadh. O chionn 2000 tha sin air a bhith ag obair còmhla ris an t- Suirbhidh Òrdanais, comhairlean ionadail, ughdarrasan rathaidean is buidhnean poblach eile gus ainmean-àite Gàidhlig a sholarachadh airson mhapaichean, shoidhnichean is eile. Air sgàth ’s gu bheil an t-iarrtas airson fiosrachadh seasmhach mu dheidhinn ainmean-àite Gàidhlig a’ sìor fhàs, tha sinn a’ cur air bonn clàr-àite nàiseanta de dh’ainmean-àite Gàidhlig, mar a chaidh ainmeachadh sa Phlana Nàiseanta Ghàidhlig. Airson barrachd fiosrachadh faic an duilleag Stòr-data. Faodar dreach PDF dhith a tharraing a-nuas gu h-ìosal. Ainmean-Àite na h-Alba: Bileag fiosrachaidh Ùraichte air: 17/11/09 |
Stòrdata Nàiseanta ![]() ... More Ainmean-Àite ![]()
Bho 2000 tha Ainmean-Àite na h-Alba (AÀA) ~ Gaelic Place-Names of Scotland ~ air a b ... More
|
|
|
Ruigsinneachd | Dealbhadh Làraich-Lìon: Plexus Media | Còraichean-foillseachaidh © 2006 | ||