Clàr-Làraich | Às aonais dealbhan
Gaelic Road Signs

Poileasaidhean & Prionnsapalan

Tha Ainmean-Àite na h-Alba na chom-pàirteachas comhairleachaidh nàiseanta airson ainmean-àite Gàidhlig ann an Alba. 'S e an t-amas againn cruthan ceart de dh’ainmean-àite Gàidhlig a stèidheachadh airson mhapaichean, shoidhnichean is eile.

Tha sinn air dà phàipear stiùiridh fhoillseachadh air ainmean-àite Gàidhlig is litreachadh. Tha an fheadhainn a tha gu mòr an sàs ann an ainmean-àite Gàidhlig - na comhairlean ionadail, an Suirbhidh Òrdanais agus buidhnean poblach eile - air aontachadh ris na prionnsapalan seo. Faodar an tarraing sìos le bhith a’ briogadh air na ceanglaichean a leanas.

Gaelic Names Liaison Committee: Orthographic Principles, January 2006

Tha seo a' mìneachadh nam prionnsapalan airson Gàidhlig a chleachdadh is a litreachadh ann an ainmean-àite. Tha seo a' leasachadh na comhairle a dh'fhoillsich Ùghdarras Theisteanas na h-Alba Gaelic Orthographic Conventions 2005 (GOC) gus dèiligeadh ris na ceistean sònraichte a dh'èireas le ainmean-àite.

Ainmean-Àite na h-Alba: Gaelic Street-names guidance, June 2006

Tha seo a' toirt comhairle do dhaoine a bhios a' stèidheachadh riochdan Gàidhlig air ainmean-sràide. Tha e a' moladh fhaclan Gàidhlig air eileamaidean Beurla air an cleachdadh ann an ainmean-sràidean mar Avenue, Road msaa. Tha an dreach as ùire (2009) de Gaelic Orthographic Conventions ri fhaighinn anns a’ Ghàidhlig agus sa Bheurla an seo.

Ùraichte air: 2017-02-16
Lorg
underline graphic
Stòr-data Nàiseanta
underline graphic
Ruigsinneachd | Dlighe-sgrìobhaidh © 2006-2011